Seirbheis adhair ùr do Chinn Tìre

  • 17 An t-Ogmhìos 2013

Thòisich seirbheis adhair ùr eadar Cinn Tìre agus Glaschu air an deireadh-sheachdain.

Tha dòchas ann gun toir an t-seirbheis Sàbaid eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus Glaschu togail do thurasachd agus eaconomaidh na sgìre.

Bidh an sgeama poidhleit, a th' air a ruith le Loganair, a' dol as t-samhradh am bliadhna agus as t-samhradh an ath-bhliadhna.

Fhuair e taic bho Riaghaltas na h-Alba.