Nead Iolaire-mhara ga mhilleadh

  • 14 An t-Ogmhìos 2013
Iolaire-Mhara Image copyright RSPB SCOTLAND
Image caption 'S e a' chiad nead a thog iolairean-mara air taobh sear na h-Alba.

Tha na poilis a' rannsachadh chasaidean gun deach sgrios a dhèanamh air an nead iolaire-mhara air oighreachd ann an Gleanntan Aonghais.

'S e a' chiad nead a chaidh a thogail le iolaire-mhara air taobh sear na h-Alba ann an timcheall air 150 bliadhna.

Tha seo air tachairt agus Riaghaltas na h-Alba air innse gu bheil iad a' cur dìon a bharrachd air eòin-chreachaidh .

Thathas a' tuigsinn gun robh an nead ann an craoibh air Oighreachd Inbhir Mhairc, a tha na pàirt de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, a chaidh a leagail anns an Fhaoilleach am bliadhna.

Tha a bhith a' milleadh nead iolaire-mhara a dh'aona-ghnothach mì-laghail.

Tha Comann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB) ag ràdh gun do leig iad fhaicinn do dh'Oighreachd Inbhir Mhairc gun robh iolairean-mara a' neadachadh anns a' chraoibh, ach chuir labhraiche às leth na h-oighreachd gu làidir an aghaidh beachd sam bith gun deach an lagh a bhriseadh air an oighreachd.

Aig a' cheart àm, tha Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, ag ràdh gu bheil e deiseil ceuman ùra a ghabhail gus smachd a thoirt air daoine nach eil a' toirt feart do laghan a tha a' dìon eun-creachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile