Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Bheir na Stàitean Aonaichte armachd do na reubaltaich ann an Siria a tha a' strì an aghaidh a' Chinn-Suidhe Assad, agus Aimeireaga a' fàgail orra gun do chleachd iad armachd cheimigeach air muinntir na dùthcha aige fhèin. Chan eil e follaiseach fhathast dè an cruth a bhios air an taic armaichte a bhios ann an sin. Bidh an Ceann-Suidhe Obama a' deasbad na cùise aig a' choinneamh G8 ann an Èirinn a Tuath an ath-sheachdain.

Thuirt tè-labhairt nan Dùthchannan Aonaicht ann an Geneva, gu bheil Àrd-Rùnaire an UN, Ban Ki-moon, fhathast gu mòr an aghaidh tuilleadh armachd a chur an sàs ann an Siria. Thuirt i nach e armachd a tha a dhìth ann an suidheachadh Shiria, ach còmhriadhean sìthe.

Ioran

Tha taghadh ann an Ioran an-diugh airson ceann-suidhe a thèid an àite Mahmoud Ahmedinejad. 'S ann a' taobhadh gu deas ann an seadh poileataiceach a tha an sianar thagraiche ged a rinn aon fhear dhiubh, Hassan Rowhani, oidhirp bho chionn là no dhà air taic fhaighinn bho na buidhnean a tha ag iarraidh leasachaidh air riaghladh na dùthcha.

Gnìomhachas an Dìon

Thuirt an SNP nach eil iad a' toirt feart air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a chuir tuilleadh teagaimh ann an gnìomhachas an dìon ann an Alba neo-eisimeileach. Tha an Riaghaltas ann an Lunnainn ag ràdh gum biodh trioblaid aig Alba a' faighinn chùmhnantan bhon MOD nam biodh ceist sam bith ann mu fhiosrachadh dìomhair a dh'fhaodadh tèarainnteachd na Rìoghachd Aonaichte a chur ann an cunnart. Tha an SNP ag ràdh nach eil aig an Riaghaltas ann an Lunnainn ach leth-sgeul eile an aghaidh neo-eisimeileachd, agus gu bheil iad gu math cinnteach gum biodh companaidhean Albannach fhathast a' faighinn obrach bhon MOD.

Bàta-bathair air na creagan

Chaidh bàta-bathair air tìr ann am Muile. Chaidh an soitheach, anns a bheil faisg air 100 troigh, air sgeir mu 2.5 mìle gu deas air Tobar Mhoire. Tha i a' gabhail uisge, ach tha i fhathast na suidhe dìreach agus chan eil aithris sam bith ann air truailleadh. Thuirt na Maoir-chladaich gur e càrgo de dh'fhiodh a th' oirre. Tha bàta-teasairginn Thobar Mhoire, agus na Maoir-chladaich a' cumail sùil air an t-suidheachadh.

Drochaid Cheasaig

Tha dùil gum fosgail Drochaid Cheasaig gu làn-ìre a-rithist air an là mu dheireadh den mhìos seo, trì seachdainnean nas fhaide na bha dùil. Dh'fhaodadh obair a bhith ann fhathast tron oidhche airson seachdain no dhà an dèidh sin. Chaidh £13m a chosg a' leasachadh na drochaide bhon Ghearran am bliadhna. Agus bidh tuilleadh obrach ann eadar an Gearran agus an t-Ògmhios an ath-bhliadhna.