Dà chompanaidh ann an rianachd

  • 13 An t-Ogmhìos 2013

Tha dà chompanaidh a tha a' ruith thaighean-òsta san Eilean Sgitheanach air a dhol ann an rianachd.

Chaidh MJ MacLeod & Co. Eta, leis a bheil Taigh-Òsta a' Bhosville ann am Port Rìgh, agus MacLeod Hotels Eta aig a bheil Taigh-Òsta an Ath Leathainn agus Taigh-Òsta Marmalade ann am Port Rìgh, a ghabhail thairis leis a' chompanaidh rianachd Zolfo Cooper.

Tha timcheall air 50 luchd-obrach air am fastadh leotha.

Thuirt tè de cheannardan Zolfo Cooper nach tèid na taighean-òsta a dhùnadh, agus gu bheil iad misneachail gun gabh an reic.