Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tuath-gaoithe Beinn Ghrìdeig

Tha Urras Leasachaidh an Rubha agus Sanndabhaig ann an Leòdhas air cha-mhòr £1m fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta gu ruige sgeama tuath-gaoithe. Bidh an tuath-gaoithe a tha san amharc mu cheithir mìle an iar air Steòrnabhagh. Bidh trì crainn-ghaoithe ann a' cruthachadh 9MW, agus 's e, nuair a thig e gu buil, an tuath-gaoithe as motha ann am Breatainn a bhios fo smachd na coimhearsnachd.

Siria

Tha na Dùthchannan Aonaicht den bheachd a-niste gun deach 93,000 duine a mharbhadh ann an Siria bho thòisich an cogadh an sin anns a' Mhàrt ann an 2011. Tha sin 30,000 a bharrachd air an tomhas mu dheireadh a bh' aig an UN air an t-suidheachadh anns an Fhaoilleach.

RBS

Tha Stephen Hester, a tha a' fàgail a dhreuchd mar cheannard air Banca Rìoghail na h-Alba, a' dol às àicheadh gur e Roinn an Ionmhais a thug air falbh. Thuit luach earrainnean a' bhance mu 5% sa mhadainn an-diugh, ach dh'èirich iad a-rithist.

Google

Thuirt Buill-Phàrlamaid air Comataidh nan Cunntasan Poblach nach eil earbsa sam bith aca sa mhìneachadh a thug companaidh mhòr an eadar-lìn, Google, dhaibh air cùisean na cìse aca. Tha Cathraiche na Comataidh sin, Màiread Hodge, ag iarraidh a-niste air Roinn na Cuspainn agus Cìse (HMRC) làn-rannsachadh a dhèanamh air Google. Tha Google ag ràdh gu bheil iad a' cumail ris a' h-uile meur de lagh-cìse na Rìoghachd Aonaichte.

Sgoiltean Dùthchail

Bheir Riaghaltas na h-Alba freagairt an-diugh do dh'aithisg mu dhùnadh sgoiltean dùthchail. Thug coimisean air foghlam sna sgìrean dùthchail dà bhliadhna a' rannsachadh agus ag ullachadh na h-aithisg. Chan eil ann ach cola-deug bho shoirbhich le Comhairle nan Eilean Siar le cùis-lagha an aghaidh an Riaghaltais, a bha air tagradh an aghaidh plana na Comhairle airson trì sgoiltean a dhùnadh.

Cosgaisean Cùraim

Thàinig e am follais gum faodadh gu bheil daoine an Alba a' cosg airgid air dachannan cùraim nuair a bu chòir dhan NHS a bhith a' giùlain na cosgais sin. Tha riaghladh cùirte ùr ann an Sasainn a' toirt air urrasan slàinte an sin a-niste measadh a dhèanamh air cosgaisean a h-uile euslaintich. Ach ann an Alba tha e air tighinn am follais nach eil na h-ùghdarrasan ag innse do theaghlaichean mun còirichean.

Iasgach an Rionnaich

Thug Coimisean na h-Eòrpa rabhadh do dh'Innis Tìle gum feum iad aonta a dhèanamh a dh'aithghearr air neo gun tèid peanas orra mu iasgach an rionnaich. Tha Coimiseanair Iasgaich na h-Eòrpa, Maria Damanaki, air tilleadh à Innis Tìle, agus i a' gearain nach do rinn i adhartas sam bith leis an Riaghaltas ùr ann an Rejkyavik.