Uisge nas fheàrr airson Muile

  • 13 An t-Ogmhìos 2013
Tobar Mhoire
Image caption Gheibh Tobar Mhoire buannachd às an leasachadh.

Tòisichidh obair an ceann trì mìosan airson piseach a thoirt air uisge an tap ann am Muile.

Thuirt Uisge na h-Alba gun tòisich a' phròiseict, a chosgas £5.7m, aig deireadh an t-Sultain no aig toiseach an Damhair.

'S e amas an sgeama uisge nas soilleire agus nas ùire a thoirt do dhaoine ann an sgìre Chreag an Iubhair agus airson dèanamh cinnteach gum faigh an siostam air dèiligeadh ris an àireimh mhòir de luchd-turais a bhios an Tobar Mhoire, is timcheall air a' bhaile, as t-Samhradh.

Bha Uisge na h-Alba ag ràdh gun toir an obair buaidh air còmhdhail agus gum bi solais rathaid rè-ùine an sàs ann an àiteachan.

Bidh aig daoine ri tuilleadh tìde a thoirt dhaibh fhèin airson an aiseag ann an Creag an Iubhair a ruighinn fhad 's a bhios an obair a' dol.