Taic do thuath-gaoithe Bheinn Ghrìdeig

  • 13 An t-Ogmhìos 2013

Thèid an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha am Breatainn a chruthachadh, le taic de £999,718 bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta.

Bidh tuath-gaoithe Beinn Ghrìdeig, a bhios faisg air Rathad a' Phentland ann an Leòdhas, air a ruith le Urras Leasachaidh an Rubha is Shanndabhaig.

Tha dùil gun tig teachd-a-steach de chòrr air £36m bho na trì crainn 3MW san sgeama thairis air 25 bliadhna.

Am measg eile, thèid airgead bhon phròiseict chun an aon hospice ann an Leòdhas, gu sgeama bochdainn connaidh agus airson barrachd taic a thoirt do dh'òigridh le feumalachdan sònraichte.

Àr-a-mach Sàmhach

Thuirt Cathraiche Urras an Rubha is Shanndabhaig, Dòmhnall Iain MacSuain, gu bheil an naidheachd a' ciallachadh gum bi "àr-a-mach sàmhach" sa choimhearsnachd.

Bha e ag ràdh: "Tha plana 25 bliadhna againn a dh'atharraicheas beatha a h-uile duine a tha a' fuireach an seo.

Thuirt e nach bi an t-àite an urra ri subsadaidhean, agus gum faigh iad air dèiligeadh ri crìonadh sluaigh agus mar a tha uiread de dh'òganaich a' fàgail na sgìre.