Aonachd airson na h-Eaglaise

  • 13 An t-Ogmhìos 2013

Dh'iarr Clèir Leòdhais aig Eaglais na h-Alba aonachd eadar coithionalan na sgìre.

Tha Eaglais Cheann Loch air innse mu thràth gu bheil an coithional air fad airson falbh, ri linn cùis nam ministearan gèidh, agus coinnichidh Àrd Eaglais Steòrnabhaigh an ath-sheachdainn.

Nuair a choinnich a' chlèir na bu traithe an t-seachdainn seo dh'iarr iad air muinntir na h-eaglaise fuireach còmhla.

Thuirt an t-Urramach Iain Murchadh Dòmhnallach bhon chlèir: "Tha sgaradh air nochdadh nach eil air a thighinn bhon chlèir a tha seo, no càil dhe na nithean a tha muinntir na clèir a' creidsinn."

Bha e ag ràdh "leis a h-uile càil a chaidh a dheasbad agus aontachadh, gun robh sinn air an aon ràmh."