Ian Geddes ciontach de mhort Theàrlaich MhicAoidh

  • 13 An t-Ogmhìos 2013

Chaidh duine a mhùch fear a bha càirdeach dha gu bàs airson airgid, agus a dh'fheuch ri toirt a chreids gur e tubaist a bh' ann, fhaighinn ciontach airson an dàrna turas.

Mhort Ian Geddes, 57, Teàrlach MacAoidh, 48, aig dachaidh Mhaighstir MhicAoidh ann an Inbhir Nis anns a' Mhàrt 2003.

Dà bhliadhna an dèidh sin, fhuair Geddes binn beatha anns a' phrìosan, ach chuir britheamhan às dhen bhreith an-uiridh, is dh'òrdaich iad cùis ùr.

Fhuair an diùraidh aig a' chùis ùr ciontach e.

Thuirt am britheamh am Morair Jones gu faigheadh e binn beatha.

Thèid binn air gu foirmeil an ath-mhìos.