A' Chomraich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu dhotair air a' Chomraich

12 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh a-rithist air coimhearsnachd air taobh Siar Rois mu na dh'fhaodadh a bhith an dàn dhan t-seirbheis slàinte aca.

Tha a' Chomraich air a bhith às aonais seirbheis dhotair-teaghlaich bho thoiseach na bliadhna, nuair a dh'fhàg am fear a bha san dreuchd.

Tha seirbheis locum ann an-dràsta, ach chan e seirbheis sheasmhach a tha sin, a rèir na coimhearsnachd, mar a tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.