Companaidh airson obair Chaisteil Leòdhais

Caisteal Leòdhais Bha an caisteal ann an droch staid fad bhliadhnaichean mòra.

Chaidh companaidh togail ùr fhastadh airson an dàrna ìre de dh'obair a dhèanamh air Taigh-tasgaidh is Tasglann Chaisteil Leòdhais.

Bidh GRAHAM Construction, a tha stèidhichte an Èirinn a Tuath, a' leasachadh taobh a-staigh an togalaich agus a' cur pìos ùr ris, mar phàirt de chùmhnant luach £8.5m.

Tha dùil gun tòisich an obair anns an Lùnasdal agus gum bi an t-àite deiseil airson fosgladh as t-Samhradh 2015.

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gun toir seo togail do dh'eaconamaidh nan eilean airson an ath dhà bhliadhna agus gun tig barrachd leasachaidh às a' phròiseict cuideachd.

Buannachdan dhan choimhearsnachd

Bha e ag ràdh cuideachd: "Bidh sinn ag obair gu dlùth leis a' chompanaidh airson dèanamh cinnteach gum faigh a' choimhearsnachd buannachdan às a' chùmhnant."

Chaidh a' phrìomh chompanaidh a bha ag obair air a' chaisteal roimhe, Patton, ann an rianachd agus ghabh companaidh ionadail, Niall MacAoidh & Co, thairis.

A' bruidhinn mun sin, thuirt Mgr Caimbeul gu bheil co-obrachadh air a bhith deatamach a thaobh a bhith a' dèiligeadh ris a' mhaill a chaidh air an obair, agus rinn e moladh air Niall MacAoidh & Co, Urras Steòrnabhaigh agus Colaiste a' Chaisteil.

Chaidh Caisteal Leòdhais a thogail eadar 1847-57 le Sir Seumas MacMhathain, a rinn fortan a' reic opium.

Bha e ann an droch staid airson bhliadhnaichean mòra.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.