Man U a' tighinn gu tuath

  • 12 An t-Ogmhìos 2013

Tha Manchester United a' dol a chluich gèam càirdeil an aghaidh Ross County as t-Samhradh.

Bidh an gèam aig Pàirc Bhictoria ann an Inbhir Pheofharain air an 20mh den Iuchar.

Tha a' phàirc ga leasachadh an-dràsta agus tha 650 suidheachan ùr gan cur dhan Stand an Ear.

Cosgaidh an obair £700,000, agus bidh gèam Mhanchester United a' gabhail àite airson comharrachadh gun deach an leasachadh a dhèanamh.