Tuath-gaoithe a' Phentland na thàmh

  • 12 An t-Ogmhìos 2013
Crann-gaoithe
Image caption Tha an tuath-gaoithe air a bhith deiseil o chionn dà mhìos, ach chan eil lìonra an dealain san eilean mòr gu leòr.

Tha e air a bhith deiseil bho chionn dà mhìos - ach tha tuath-gaoithe a' Phentland ann an Leòdhas fhathast na thàmh.

Tha cho lag 's a tha griod dealain an eilein a' ciallachadh tòrr dheuchainnean mus bi e sàbhailte tòiseachadh air dealan a chruthachadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air an Riaghaltas an griod a neartachadh, agus dùil ri tòrr leasachaidh eile ann an Leòdhas agus na Hearadh.

Thuirt an t-eòlaiche cumhachd Murchadh Moireach: "Ma 's e 's gu bheil daoine gu bhith a' dèanamh rudan agus a' cur rudan an àirde, bhiodh e iomchaidh gum biodh deiseileachd ann a thaobh a' ghriod ionadail airson gun gabhadh e nas urrainn."

Bha e cuideachd ag ràdh gu bheil siostam co-fhillte a dhìth anns na h-eileanan.

Thuirt labhraiche do SSE gun robh a h-uile càil ceart gu leòr bhon taobh acasan, agus gur e an tuigse bh' aca air a' chùis gun robh trioblaidean teicnigeach aig an luchd-leasachaidh.