Dà thogalach eachdraidheil gan reic

Gleann Dail Chaidh fianais a thoirt do Choimisean Napier ann an 1883 anns an eaglais a tha ri reic.

Dh'fhaodadh dà thogalach eachdraidheil ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach a bhith air an gabhail thairis leis a' choimhearsnachd.

Tha seann sgoil agus eaglais na sgìre gan reic, agus tha Urras Ghleann Dail - buidheann a tha a' ruith na h-oighreachd as leth na coimhearsnachd - a' cur rompha tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air am bu chòrr dhaibh feuchainn rin ceannach agus an leasachadh mar ghoireasan coimhearsnachd.

"A thaobh na h-eaglaise gu sònraichte, tha i cudromach ann an eachdraidh Strì an Fhearainn ann an Gleann Dail, agus mar a thàinig Oighreachd Ghleann Dail gu bith," thuirt Ailean Caimbeul, a tha na eòlaiche air eachdraidh na sgìre.

"Sin far an deach fianais a' Mhorair Napier a ghabhail ann an 1883.

Ceangal

"Dhùin Comhairle na Gàidhealtachd Sgoil Bhorghadail bho chionn bliadhna no dhà.

"Tha iad a-niste a' dèanamh a-mach nach eil feum aca oirre tuilleadh, 's tha iad airson a reic.

"Tha an Eaglais Shaor, fad bhliadhnaichean a rèir choltais, bha àireamh a' choithionail a' crìonadh, agus ged a tha an àireamh air tòiseachadh air fàs a-rithist anns a' bheagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, 's e seann togalach a th' anns an eaglais, 's tha mòran obrach a dhìth oirre, nach tèid aig a' choithional air coinneachadh a thaobh cosgais.

"Air sgàth sin tha iad airson an togalach a chur bhuapa.

Start Quote

Chan eil teagamh nach eil an fheadhainn a rugadh 's a thogadh 's aig a bheil sinnsearachd anns an àite gu sònraichte a' faireachdainn ceangal ris an dà thogalach.”

End Quote Ailean Caimbeul Eòlaiche air eachdraidh Ghleann Dail

"Chaidh Urras Ghleann Dail a chur air dòigh beagan bhliadhnaichean air ais, agus daoine deònach goireasan a chur air dòigh, agus gnothaichean den t-seòrsa sin, a bhios gu maith muinntir na sgìre.

"Cheannaich an t-Urras Cidhe Mhèanais o chionn ghoirid, agus tha iad a-niste a' coimhead ris an dà thogalach a tha seo, agus a' cheist ann am bu chòir dhaibhsan feuchainn ri an ceannach, no dìreach leigeil leotha a bhith air an reic air a' mhargaid fhosgailte.

"Cho-dhùin na bha an làthair aig coinneimh airson seo a dheasbad, gum b'fheàrr leotha anns a' chiad dol-a-mach co-dhiù, an tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air na feumalachdan a dhèanadh a' choimhearsnachd de na togalaichean a tha sin.

"Oir mar a thuigear, chan eil an t-airgead aig an Urras. Dh'fheumadh iad airgead a thogail, agus dh'fheumadh iad plana gnìomhachais a bhith aca a dhearbhas gum bi teachd an tìr aca às na togalaichean mu choinneimh fiachan sam bith a thigeadh orra.

"Chan eil teagamh nach eil an fheadhainn a rugadh 's a thogadh 's aig a bheil sinnsearachd anns an àite gu sònraichte a' faireachdainn ceangal ris an dà thogalach.

"Ach tha mi a' smaoineachadh cuideachd gu bheil fiù 's daoine a th' air tighinn a-steach dhan sgìre mothachail air cho cudromach 's a tha na togalaichean a tha seo ann an eachdraidh coimhearsnachd Ghleann Dail.

"Tha cuideachd a' cheist ann, nam b' e rud e 's gun deadh an reic, 's gun ceannaicheadh cuideigin bhon taobh a-muigh iad, tha daoine beagan an-fhoiseil mu dheidhinn dè seòrsa feum a dh'fhaodadh 's dòcha na daoine sin airson a dhèanamh dhiubh, agus dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh sin a thoirt anns a' choimhearsnachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-Urras an-dràsta a' coimhead air tomhais de smachd a bhith aca air an cuid coimhearsnachd fhèin," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.