Companaidh leacan ann an rianachd

  • 11 An t-Ogmhìos 2013
Clach Ghallaibh Image copyright Geograph/Paul Simonite
Image caption Tha fèill mhòr air a' chloich, le margaidh air feadh an t-Saoghail.

Chaidh tè de na companaidhean as motha a tha a' reic leacan Gallaibh ann an rianachd.

Bha grunnan chuaraidhean aig Caithness Stone Industries Ltd, a tha stèidhichte faisg air Inbhir Theòrsa, agus bhiodh iad cuideachd a' giollachd chlachan.

Tha leacan Ghallaibh ainmeil air feadh an t-Saoghail, agus chaidh a' chlach a chleachdadh ann am Pàrlamaid na h-Alba agus aig Gàraidhean Cuimhneachaidh Bhreatainn ann an New York.

Teachd a-steach

Le teachd a-steach de £3m an-uiridh, tha a' chompanaidh air leacan a thoirt do ghrunnan thaighean-òsta agus ionadan luchd-turais.

Bha iad cuideachd air tòiseachadh a' dèanamh rudan airson taighean.

Ach, tha farpais agus cosgaisean air droch bhuaidh a thoirt orra.

Luchd-rianachd

Thuirt an luchd-rianachd RSM Tenon gur e cosgaisean a dh'adhbharraich staing ionmhais Caithness Stone Industries Ltd.

Nì RSM Tenon sgrùdadh air Caithness Stone Industries Ltd a-nis agus feuchaidh iad ris a' chompanaidh a shàbhaladh.