Cùrsaichean trèanaidh croitearachd

  • 11 An t-Ogmhìos 2013
Croitear
Image caption Bidh na cùrsaichean a' gabhail àite thairis air trì bliadhna.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' dèanamh deiseil airson sreath ùr de chùrsaichean trèanaidh a thòiseachadh.

Tha iad ag ràdh gum bi na cùrsaichean nan cuideachadh do dhaoine a tha a' tighinn às ùr do chroitearachd, agus croitearan a th' ann mar thà.

"'S fhada on là sin a thàinig na beachdan seo, agus an t-iarrtas cuideachd," thuirt Calina NicDhòmhnaill, a tha na ball den Chaidreachas.

"Tha a h-uile duine againn a' fàs nas sine, chan eil duine a' fàs nas òige, agus chan eil gu leòr dhaoine òga a' tighinn a-steach dhan ghnìomhachas.

Trì Bliadhna

"Chan eil gu leòr dhaoine òga a' fuireach anns an àite.

"Na sgilean a b' àbhaist a bhith againn fhìn, 's a dh'ionnsaich sinne bho ar seanairean 's ar sinn-seanairean, chan eil ach glè bheag de na sgilean a tha sin a th' air fhàgail.

"Agus glè bheag dhiubh a tha sinn a' toirt thairis dha na daoine òga.

"An fheadhainn a tha a' tighinn a-steach an-diugh gu croitearachd, tha iad a' faighinn a-mach nach eil na sgilean a tha a dhìth orra aca.

"Agus chan eil dòigh aca an ionnsachadh. Chan eil cùrsaichean freagarrach an àite sam bith, mur a h-eil 's dòcha shìos an ceann a deas Shasainn no àiteigineach mar sin, fada fada ro fhada air falbh.

"Mar sin, smaoinich sinn, prògram sònraichte a chur ri chèile airson sgilean ionnsachadh dha daoine a tha a' tighinn a-steach as ùr gu croitearachd, agus 's dòcha cuideachd feadhainn a th' air a bhith ri croitearachd beagan nas fhaide na sin, ach chan eil duine a' gabhail mòran suim anns na obair agus na sgilean a th' aca.

"Bidh am prògram a' ruith airson trì bliadhna an turas seo.

"A' chiad bhliadhna, bidh sin gan toirt a-steach dhan ghnothach, ag innse dhaibh mu dheidhinn croitearachd 's eachdraidh croitearachd is rudan mar sin.

"Bidh sin stèidhichte ann an Ulapul, Inbhir Nis, Cille Chòmhghainn agus Asainnte.

"Agus air cùlaibh sin, bidh cùrsaichean airson sgilean practaigeach. Bidh iad sin stèidhichte san Eilean Sgitheanach.

Teisteanasan

"An dàrna bliadhna, tha dòchas gum bi cùrsa meadhan-ìre ann. Bidh iad sin 's dòcha a' mairsinn leth là, agus 's e sgilean practaigeach as motha a bhios ann.

"Thathas an dòchas gum bi sin a' gabhail àite air croitean, agus 's dòcha gur e croitearan fhèin a bhios gan toirt seachad.

"Agus an treas bliadhna, tha sinn an dùil aon uair 's gum bi daoine a' faighinn teisteanas airson uidheaman leithid sàbhaichean-sèine a chleachdadh a dh'fheumas iad teisteanasan air an son, agus 's dòcha obair geamaireachd cuideachd.

"Bidh iad ag obair còmhla ris na colaistean ionadail agus Oilthigh na Gàidhealtachd airson sin a chur air chois," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile