Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean Sòisealta

Gheall Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, nach toireadh e àrdachadh air na dh'fhaodadh an Riaghaltas a chosg air sochairean sòisealta ma 's e 's gun tèid a thaghadh mar Phrìomhaire. Aig òraid ann an ceann an ear Lunnainn bha e a' bruidhinn mu na h-atharrachaidhean a bheireadh riaghaltas Làbarach air siostam nan sochairean. Bheireadh e cuideachd ìsleachadh air na chosgadh an Riaghaltas air sochairean taigheadais, agus thuirt e gun dèanadh e a dhìcheall gus airgead a bharrachd a lorg airson taighean ùra a thogail.

Bhòt Phrìosanach

Tha Buill-Phàrlamaid Albannac air bhòtadh an aghaidh plana gus bhòta a thoirt do phrìosanaich air binn goirid anns an referendum air neo-eisimeileachd. 'S iad na Lib-Deamaich a chuir an deasbad air adhart, ag iarraidh gum bi cead bhòtaidh aig daoine a th' anns a' phrìosan air binn nas giorra na ceithir bliadhna. Ach cha deach gabhail ris a' mholadh idir.

Neo-eisimeileachd

Tha dùil gun can Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum bu chòir càirdeas cothromach a bhith ann eadar Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte an dèidh neo-eisimeileachd. Ann an òraid ann an Dùn Èideann canaidh i gun obraicheadh na dùthchannan còmhla air grunn chuspairean, agus cleachdaidh i Comhairle Èireann is Bhreatainn mar eisimpleir air ciamar a dh'obraicheadh sin.

Drabastachd Chloinne

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd air àireamh fòn a chur air dòigh airson daoine a tha draghail, an dèidh mar a chaidh fireannach a chur an grèim anns a' Ghearasdan an co-cheangail ri drabastachd chloinne. Thuirt na Poilis gu bheil iad mothachail gum faodadh gu bheil pàrantan draghail an dèidh mar a chaidh fear le ceangail ri sgoil-àraich a chur an grèim. Dh'iarr iad air duine sam bith a tha feumach air taic gu h-ionadail fios a chur gu àireamh fòn a th' air a ruith leis a' bhuidhinn Children First.

Siria

Dh'iarr na Stàitean Aonaichte gun tarraing Ioran agus Hezbollah na feachdan aca a-mach à Siria, far a bheil iad air a bhith a' cur taic ris a' Cheann-suidhe Assad. Rinn na h-Aimeireaganaich càineadh cuideachd air an t-suidheachadh ann am baile Quasair. Thuirt luchd-naidheachd a fhuair a-steach gu Quasair, gun deach milleadh uabhasach a dhèanamh air a' bhaile.

Companaidh Dealain

Dh'fhaodadh muinntir nan Eilean Siar cuid den dealan aca fhaighinn faisg air 20% nas saoire nan cuireadh a' Chomhairle companaidh chumhachd air chois, a rèir na buidhne Greenspace Live. Dh'innis a' chompanaidh co-chomhairleachaidh do Chomhairle nan Eilean Siar gum faodadh iad dealan ath-nuadhachail a cheannach agus a reic anns na h-Eileanan agus Tìr Mòr, agus tha iad a' moladh companaidh a stèidheachadh cho luath 's a ghabhas.