Dùbhlan ùr do bhall-coise Eileanach

  • 5 An t-Ogmhìos 2013
Sgioba Leòdhais is na Hearadh
Image caption Thathas an dòchas gur e ceum air adhart a bhios ann do bhall-coise Leòdhais is na Hearadh.

Nì na cluicheadairean ball-coise as fheàrr ann an Leòdhas is na Hearadh oidhirp air dùbhlan ùr anns an Fhoghair nuair a chluicheas an sgioba thaghte aca anns na cupanan aig Lìog North Caledonian.

'S e farpaisean a tha seo a tha air an cur air dòigh do sgiobaidhean amaitearachd a tha a' cluich ann an Lìog North Caledonian.

Bidh an sgioba às na h-Eileanan an Iar a' leantainn eisimpleir Arcaibh, a chuir an sgioba thaghte acasan a-steach dha na farpaisean 'son a' chiad turais ann an 2012/13.

Tha Cathraiche Comann Ball-coise Leòdhais agus na Hearadh, Coinneach MacÌomhair, air a dhòigh mun ghluasad.

"Eachdraidheil"

"Tha seo eachdraidheil dha-rìribh 'son ball-coise ann an Leòdhas is na Hearadh - 's e seo an ceum a bha sinn ag iarraidh," thuirt e.

"Bha sinne a' coimhead ris gun robh sinn an dèidh cluich na sgiobaidhean a b'fheàrr a th' ann aig an ìre aig an robh sinn, is bha sinn a' coimhead ri gabhail an ath-cheum.

"Chaidh a chantainn rinn gur e seo an ceum a-rithist às dèidh Chupa Amaitearachd na Gàidhealtachd," thuirt e.

Thuirt Mgr MacÌomhair nach e cnap-starra idir a bhios ann gum bi na geamaichean ann ann nuair a tha seusan Leòdhais is na Hearadh seachad.

"Mìorbhailleach"

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi e mìorbhailleach math - agus 's e na cluicheadairean fhèin a tha ag iarraidh seo.

"Bha na cluicheadairean ag iarraidh a dhol gu ìre eile is bha iad deònach a dhol ann," thuirt e.

Dh'aidich e gum bi dùbhlan ann a thaobh ionmhais ach dh'innis e gu bheil an Comann mar thà air airgead a lorg 'son pàirt a ghabhail anns na farpaisean am bliadhna is an ath-bhliadhna.

Thuirt e cuideachd gur e cothrom a bhios ann do chluicheadairean nan Eilean na comasan aca a shealltainn do chlubaichean air Tìr Mòr, agus 's dòcha cothrom fhaighinn gluasad gu sgiobaidhean nas motha.