Liam Aitchison
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dithis ciontach de mhurt Liam Aitchison

4 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fhuairear dithis fhireanach, 22 bhliadhna de dh'aois, ciontach de mhurt Liam Aitchison ann an Leòdhas.

Chaidh Liam, a bha 16, a dhochann agus a shàthadh le sgìthinn fichead turas san t-Samhain 2011.

Fhuairear an corp aige ann an taigh ann an Stèinis, faisg air Steòrnabhagh.

Bha èigheachd sa Chùirt nuair a chaidh Ionatan MacFhionghuin agus Stefan Millar a dhìteadh.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach, agus Catriona NicFhionghain.