Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùram Prìobhaideach

Tha an t-suim a tha Seirbheis Slàinte na h-Alba a' pàigheadh air cùram prìobhaideach air èirigh gu mòr bho £25m ann an 2011, gu £40m an-uiridh. Tha Bùird Shlàinte ag ràdh gur e an dleastanas a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur orra mun ùine a dh'fheumas euslaintich feitheamh ri cùram as coireach. 'S de dà Bhòrd-Slàinte - Roinn a' Mhonaidh agus Labhdainn - as motha a chuir ris an àrdachadh. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, gur e cion-àite sna h-ospadail an trioblaid, agus gu bheil an Riaghaltas a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

RBS

Tha a' chiad dreach de dh'aithisg bhon Choimisean Pàrlamaideach air Inbhe Bancaireachd ag ràdh gum bu chòir Banca Rìoghail na h-Alba a bhriseadh na dhà leth. Buinidh a' mhòr-chuid den bhanca do luchd-pàighidh na cìse. Tha an aithisg a' moladh dà leth a dhèanamh den bhanca eadar an droch roinn a tha a' strì le fiachan, agus an t-earrainn eile a' dèiligeadh ris na seirbheisean banca àbhaisteach don mhòr-shluagh, luchd-gnothaich agus gnìomhachas.

Oscar Pistorius

Chaidh a' chùis-mhuirt an aghaidh an lùth-chleasaiche Para-liompaigeach, Oscar Pistorius, a chur dheth chun an 19mh là den Lùnastal. Chaidh Pistorius mu choinneimh na cùirte ann am Pretoria ann an Afraga a Deas na bu tràithe an-diugh, agus dh'iarr luchd-lagha tuilleadh ùine airson cùis ullachadh. Tha Pistorius ag aideachadh gun do loisg e le gunna air a leannan, Reeva Steenkamp, ach tha e a' dol às àicheadh gun do mhuirt e i.

An Tuirc

Chaidh an dàrna duine a mharbhadh anns an Tuirc, agus àimhreit an aghaidh an Riaghaltais an sin a' dol chun a' chòigeamh là. Tha aonaidhean ciùird a' cur taic a-niste, le stailc fad dà là, ris an iomairt an aghaidh an Riaghaltais.

Georgia Williams

Thèid duine òg mu choinneimh cùirte an-diugh fo chasaid gun do mhuirt e deugaire à Shropshire, Georgia Williams, a bha 17 bliadhna de dh'aois. Chaidh Jamie Reynolds, a tha 22, agus a chaidh a chur an grèim ann an Glaschu, a chur fo chasaid an dèidh do Phoilis corp fhaighinn faisg air Wrexham anns a' Chuimrigh an t-seachdain seo chaidh.

An Crùnadh

Tha seirbheis a' tòiseachadh aig Abaid Westminster an-dràsta, a' comharrachadh 60 bliadhna bho chaidh a' Bhàn-righ a' chrùnadh. Tha mu 2,000 duine air cruinneachadh aig an t-seirbheis, cuid dhiubh a bh' aig a' chrùnadh ann an 1953.