Blàr Thràigh Ghruinneirt

Ceann Tràigh Ghruinneirt B' ann eadar na Dòmhnallaich agus na Leathannaich a bha am blàr, airson uachdaranas Ìle.

Thàinig 140 ceòladair còmhla ann an Ìle oidhche Ardaoin airson pròiseict shònraichte ceangailte ri blàr fìor chudromach ann an eachdraidh an eilein.

Chaidh an ceòl a chur ri briathran na bàrdachd aig Uilleam Mac Dhùn Lèibhe air Blàr Thràigh Ghruinneirt.

Bha am blàr, airson uachdranas Ìle, eadar na Dòmhnallaich agus na Leathannaich ann aig deireadh na 16mh Linn.

Chaidh iarraidh air a' cheòladair Clare Jordan ceòl a chur ris a' bhàrdachd.

"Cha robh e ro fhearast' ach, feumaidh mi 'g ràdh gu bheil a h-uile duine dìreach air a bhith sònraichte math, agus air a ghoil air a shon," thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, a bha an sàs ann a bhith a' cur air dòigh na cuirme.

"Chaidh sinn mu chuairt nan sgoiltean, 's bha sinn a' mìneachadh na sgeòil dhan chloinn, agus tha sgoilearan gach bun-sgoil' agus feadhainn na h-àrd-sgoil' agus sgoilearan à Diùra, air dealbhan a dhèanadh a tha a' riochdachadh gach pìos dhen sgeulachd, agus tha iad sin air an crochadh a-nis anns an talla.

"Ghaibh iadsan ris an sgeulachd gu mòr.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' còrdadh riutha a bhith a' gabhail pàirt ann an rud cho mòr.

"Oir tha iad a' tuigsinn a-niste a' chumhachd a th' aca. Cumhachd a thaobh ghuthan, agus a' smaoineachadh "mo chrèach-sa a thàinig, 's e sinne a tha a' dèanamh an fhuaim shònraichte a tha seo."

"Cuideachd tha mi a' smaoineachadh gu bheil an sgeulachd air an glacadh gu mòr, oir tha e gu math fuilteach, tha e gu math borb, tha rudan uabhasach a' tachairt ann. Tha sin a' còrdadh riutha.

"Bha sinn ag iomradh air 's dòcha a dhèanadh a-rithist air làrach a' bhlàir, aus cuideachd tha sinn uabhasach fortannach ann an Ìle, tha daoine cho tàlantach an Ìle.

"Chan e a-mhàin a thaobh a' chiùil, ach cuideachd tha dannsairean sònraichte math againn, agus bhiodh e uabhasach gasta na dannsairean fhighe a-steach ann, 's dòcha dràma agus a h-uile càil a tha sin.

"'S e pròiseact uabhasach inntinneach a th' air a bhith ann," thuirt i.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.