Uard ann an Uibhist air fhosgladh às ùr

  • 31 An Cèitean 2013
C.Diff Image copyright Science Photo Library
Image caption Tha na h-uairean-tadhail gu bhith air an cuingealachadh treis fhathast.

Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad air uard a bha dùinte aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ri linn Clostridium Difficile, fhosgladh às ùr.

Tha uairean-tadhail fhathast air an cuingealachadh ge-tà, mar earalas.

Chaidh an uard a dhùnadh do dh'euslaintich ùra Diciadain seo chaidh, às dèidh dearbhadh gun robh an tinneas C.Diff air cuid ann.

Thuirt Bòrd na Slàinte gu bheil nas lugha den fheadhainn air an tàinig an galar fhathast a' fulang leis, 's gu bheil iad air rudan a chur an gnìomh gus stad a chur air a' ghalar bho bhith a' sgapadh anns an ospadal.

Bheir seo an t-ospadal a rèir Ospadail nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

'S ann eadar 2:00f agus 4:00f a bhios na h-uairean-tadhail a-nis, agus eadar 6:00f agus 8:00f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile