Dùil ri dearbhadh mu sgoiltean Eileanach

  • 31 An Cèitean 2013
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Chaidh a' Chomhairle gu lagh a chur an aghaidh co-dhùnadh an Riaghaltais.

Tha dùil ri fiosrachadh Dihaoine mu na tha an dàn do dhà sgoil ann an Leòdhas.

Chaidh Riaghaltas na h-Alba gu lagh le Comhairle nan Eilean Siar, 's a' Chomhairle airson bun-sgoil Chàrlabhaigh agus àrd-sgoil dà bhliadhna Shiaboist a dhùnadh.

Thuirt iad gu bheil gainnead airgid, agus àireamh ìosal de sgoilearan am measg na bha a' toirt orra sin a dhèanamh.

Ach ghairm Riaghaltas na h-Alba a-steach co-dhùnaidhean na Comhairle, agus dhiùllt iad cead a thoirt dhaibh.

Thug a' Chomhairle an uair sin an Riaghaltas gu lagh air a' gnothach.

Cho-dhùin ath-bhreithneachadh cùirte bho chionn bliadhna gun robh a' Chomhairle ceart ann a bhith a' dùnadh nan sgoiltean, ach aig a' cheart àm thuirt na britheamhan gun robh an Riaghaltas ceart ann a bhith a' ceasnachadh na cùise.

Às dèidh sin, chuir an Riaghaltas air adhart ath-thagradh co-cheangailte ri co-dhùnadh an ath-bhreithneachaidh, is iad a' feuchainn a-rithist na sgoiltean seo a chumail fosgailte.

Tha dùil gun tèid sin a dhearbhadh Dihaoine.

Cuideachd, is coltach nach fhosgail bun-sgoil Èirisgeigh às dèidh nan làithean saora, leis na tha de phàrantan airson an cuid chloinne a chur gu Sgoil Dhalabroig ann an Uibhist a Deas.

Cumaidh a' Chomhairle coinneamh air an ath-sheachdain airson beachdan fhaighinn bho phàrantan agus luchd-obrach na sgoile air an t-slighe air adhart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile