Corp air fhaighinn an Toirbheartan

  • 30 An Cèitean 2013

Fhuair luchd-teasairginn a bha a' sireadh tè a chaidh a-mach a choiseachd ann an Toirbheartan corp boireannaich.

Cha deach am boireannach, a bha 54, fhaicinn bho 4:00f Dimàirt.

Bha heileacoptairean an RAF agus nam Maor-cladaich a-muigh ga sireadh Diciadain, còmhla ri sgiobaidhean teasairginn Thoirbheartain is Chinn Tàile.

Cha deach dearbhadh fhathast an e corp a' bhoireannaich a bha a dhìth a chaidh fhaiginn.