Leasachadh air fàire aig na puirt?

Inbhir Ghòrdain Tha Inbhir Ghòrdain a-measg nam port a dh'fhaodadh buannachd fhaighinn às an sgeama.

Dh'fhaodadh leasachadh mòr a bhith air fàire aig cuid de phuirt-mhara na Gàidhealtachd 's nan Eilean ri linn stòras airgid a tha Coimisean na h-Eòrpa air a chur air chois.

Tha an sgeama, anns a bheil luach nam billeanan notaichean, ag amas air na ceudan phort air feadh an Aonaidh Eòrpaich a leasachadh.

Chomharraich an Coimisean còrr is 300 port-mara air feadh na Roinn Eòrpa a tha iad a' meas deatamach.

'S e amas an sgeama, gun tèid barrachd bhathair a ghluasad tro na puirt bheaga - seach an fheadhainn mhòra mar Antwerp, Rotterdam agus Hamburg.

Tha Ulapul, Inbhir Ghòrdain agus Steòrnabhagh am measg nam port a dh'fhaodadh airgead fhaighinn.

Ceist an Airgid

Dh'fheumadh na puirt iad fhèin ge-tà, a' cheart uidhir a dh'airgead a chur mu choinneimh an leasachaidh.

A rèir Mhurchaidh MhicLeòid, a bha na àrd-oifigear air Port Inbhir Nis, tha cunnart ann gum fàg sin nach bi cuid de na puirt bheaga comasach air brath a ghabhail air an airgead a bhiodh ri fhaotainn dhaibh.

"Feumaidh iad a dhol gu banca 's dòcha, agus na bancaichean, mar a tha iad an dràsta, mur a h-eil plana gu math cruaidh agad, chan fhaigh thu sin 's dòcha. Tòrr de na puirt, ged a tha iad air an liosta, 's dòcha nach dèan iad feum den mhaoineachadh a tha seo," thuirt e.

A dh'aindeoin sin tha e a' dèanamh dheth gum faodadh an stòras feum mòr a dhèanamh do phuirt a tha a' fàs aosta agus a tha feumach air obair-leasachaidh.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.