Stefan Millar a' toirt seachad fianais

  • 28 An Cèitean 2013

Tha fear den dithis a tha fo chasaid gur iad a mhuirt an deugaire Liam Aitchison ann an Leòdhas anns an t-Samhain 2011 air a dhol às àicheadh gur e a rinn e.

Bha Stefan Millar, a tha 22, a' toirt seachad fianais ga dhìon fhèin san Àrd-Chùirt ann an Glaschu.

Tha e fhèin agus Ionatan MacFhionghain fo chasaid gur iad a mhuirt Liam, a bha 16.

Chaidh corp an deugaire fhaighinn ann an seann togalach ann an Stèinis air iomall Steòrnabhaigh.

Chaidh a dhochann agus a shathadh gu bàs.

Thuirt Stefan Milar nach robh e a-riamh air a bhith anns an togalach far an deach corp Liam Aitchison fhaighinn, agus chaidh e às àicheadh gu robh an dithis aca air a dhol a-mach air a' chèile.

Bha a' chùirt air clunntinn roimhe gu robh Stefan Millar air aideachadh ri fear a bh' ann am Prìosan Inbhir Nis còmhla ris gur e a mhurt Liam - ach thuirt Mgr Millar Dimàirt nach robh sin idir fìor.

Tha Ionatan MacFhionghain cuideachd a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tha a' chùis-lagha, air beulaibh a' Mhorair Kinclaven, a' leantainn.