Dearbhadh a dhìth mu Rendition air Ghàidhealtachd

Itealan CIA? Tha fiosrachadh air tighinn am bàrr mu chleachdadh grunn phort-adhair airson Extraordinary Rendition.

Chaidh iarraidh air a' chompanaidh HIAL dearbhadh an deach seirbheisean adhair diòmhair "Extraordinary Rendition" leis a CIA tro ghin de phuirt-adhair na Gàidhealtachd.

Fo rendition, bha feadhainn a bha fo amharas ceannairc gan gluasad gu dùthchannan eile airson an cumail an grèim.

Tha aithrisean ann cuideachd gun deach an ciùrradh.

Tha buidheann de luchd-rannsachaidh bho oilthighean Kent 's Kingston a' dèanamh dheth gu bheil fianais aca gun do stad deich itealan le ceangal ris a CIA ann an Inbhir Nis agus Inbhir Ùige.

Tha amharas ann cuideachd gun deach puirt-adhair Phreastabhaig 's Obar Dheathain a chleachdadh.

Tha fear de Chomhairlichean Ghallaibh, Ailig MacLeòid air sgrìobhadh gu HIAL, agus gu Riaghaltas Bhreatainn ag iarraidh fhreagairtean mun chùis.

"Sgrìobhaidh mise gu HIAL, agus an Riaghaltas ann an Lunnainn, ag iarraidh faighinn a-mach airson an luchd-taghaidh agam fhèin ann an Gallaibh, dè an fhios a bh' aig HIAL, an robh fhios aig HIAL gun robh an CIA an sàs ann an Rendition aig Inbhir Nis agus Inbhir Ùige," thuirt Mgr MacLeòid.

"Feumaidh sinn freagairtean fhaighinn dha na ceistean cudromach a tha seo," thuirt e.

Tha an Righaltas air a ràdh roimhe nach robh iad air leithid de rud a cheadachadh, ri linn 's gun robh rendition a' dol an aghaidh laghan na dùthcha seo, agus laghan eadar-nàiseanta.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.