Freagairt "dhòchasach" bho EasyJet

  • 28 An Cèitean 2013
Pleana Flybe
Tha Flybe a' ruith trì seirbheisean san là eadar Inbhir Nis agus Lunnainn.

Tha Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, ag ràdh gun d'fhuair e "freagairt mhisneachail" bho EasyJet, 's e air sgrìobhadh thuca ag iarraidh nach tig lùghdachadh air an t-seirbheis adhair eadar Inbhir Nis agus Lunnainn.

Dhearbh a' chompanaidh Flybe, a tha a' ruith sheirbheisean eadar Inbhir Nis agus Lunnainn trì tursan san là, gun robh iad air na ceadan-laighe aca aig Gatwick a reic ri EasyJet air prìs £20m.

Thig seirbheisean Flybe eadar an dà bhaile gu ceann sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

Nochd dragh mòr mu na dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh do sheirbheisean eadar Inbhir Nis agus am prìomh bhaile - ma roghnaicheas EasyJet na ceadan-laighe a chleachdadh airson seirbheisean nas prothaidiche.

Tha iomagain ann mun bhuaidh a bheireadh lùghdachadh san t-seirbheis air eaconamaidh na Gàidhealtachd.

"Misneachail"

Thuirt an Comh. Hendry gun robh e air a mhisneachadh leis an fhreagairt a fhuair e bho cheannard EasyJet ann an Alba, Uisdean Aitken.

Na litir, thuirt Mgr Aitken nach robh iad a' sùileachadh na seirbheisean a tha iad a' ruith an dràsta eadar Inbhir Nis agus Lunnainn, a th' air an cleachdadh le 200,000 duine gach bliadhna, a lùghdachadh idir.

Thuirt Drew Hendry gun robh e an dòchas coinneachadh ri Mgr Aitken taobh a-staigh beagan sheachdainnean, a bhruidhinn mu na tha an dàn do sheirbheisean adhair na sgìre.

Tha dùil gun tèid suidheachadh nan seirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Lunnainn a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, leis a' bhall Ghàidhealach Dàibhidh Stiùbhart.