Troimh-chèile an Earra-Ghàidheal

  • 28 An Cèitean 2013
Soidhne Chomhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid
Image caption Tha e air faileachadh air a' Chomhairle buidheann-riaghlaidh sheasmhach a stèidheachadh.

Tha tuilleadh mhì-chinnt a' cuairteachadh Chomhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid, 's buidheann eile de chomhairlichean air leigeil fhaicinn gu bheil iad airson a' Chomhairle a ruith.

Tha a' bhuidheann, air a bheil Argyll and Bute for Change, ag iarraidh cumhachd a ghabhail bhon cho-bhanntachd de chomhairlichean SNP, Lib-Deamach agus Tòraidheach a chaidh a chur os cionn na Comhairle an t-seachdain a chaidh.

Chaidh an comhairliche nàiseantach Ruairidh MacCuthais a thaghadh mar cheannard na Comhairle - dreuchd anns an robh e roimhe - le 18 comhairlichean a' cur taic ris.

Dùbhlan ùr

A-nis ge-tà, tha a' bhuidheann ùr air sgrìobhadh gu àrd-oifigear na Comhairle 's iad airson cuir an aghaidh na co-bhanntachd ùire.

Dh'fhailich oidhirp bho chionn beagan sheachdainnean gus co-bhanntachd riaghlaidh a stèidheachadh, às dèidh mar a dhiùlt an SNP, aig ìre nàiseanta, cead a thoirt dha na comhairlichean aca a dhol an sàs innte.

Dh'fhàg ceannard na Comhairle, Seumas Robb, a dhreuchd aig an àm sin, às dèidh nas lugha na ceithir mìosan.

Thuirt an comhairliche Lib-Deamach Robin Currie gum feum co-obrachadh tòiseachadh a-nis aig mullach na Comhairle, ach dh'aidich e nach biodh sin soirbh.

"Chan e dìreach ochd deug neo seachd deug ach a h-uile duine a bhith ag obair còmhla - tha sin gu math nas fhasa a ràdh na a dhèanamh," thuirt e.

Thuirt an Comh. Currie gun robh iad a-nis ag iarraidh air na buill poileataics a chur an dàrna taobh, airson obrachadh còmhla gu maith na sgìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile