Mac Ille Mhaoil a' fàgail Stòras Uibhist

  • 27 An Cèitean 2013

Tha Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac Ille Mhaoil gu bhith a' leigeil dheth a dhreuchd aig a' bhuidhinn choimhearsnachd.

Tha naoidhnear thagraichean air an ainmean a chur air adhart airson taghaidhean air an ath-mhìos a lorg ceathrar a thèid air Bòrd-Stiuiridh na buidhne, ach chan eil Mgr Mac Ille Mhaoil nam measg.

Thèid bileagan bhòtaidh a-mach gu buill seachdain Diluain, agus feumaidh iad a bhith air an tilleadh ro fheasgar Diardaoin, an 20mh an t-Ògmhios.