MacCuthais air ais na cheannard

  • 24 An Cèitean 2013

Tha an comhairliche Ruairidh MacCuthais air ais na cheannard air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, trì mìosan an dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth.

Bidh an comhairliche Nàiseantach airson an Òbain os cionn buidhne de Nàiseantaich, Lib-Deamaich is Tòraidhean.

Thàinig air comhairliche Nàiseantach eile, James Robb, seasamh sìos mar cheannard an t-seachdain a chaidh às dèidh do Chomataidh Riaghlaidh Nàiseanta an SNP cur an aghaidh aonta co-bhanntachd le Lib-Deamaich agus Tòraidhean.

Tha dà bhuidhinn ann a-nis - buidheann Earra-Ghàidheal, Laomainn agus nan Eilean, le Ruairidh MacCuthais os an cionn, agus Earra-Ghàidheal is Bòd airson Atharrachadh, anns a bheil cuid de chomhairlichean SNP.

Thuirt an Comh. MacCuthais nach bu chòir do phoileataics nàiseanta buaidh a thoirt air ùghdarrasan ionadail.