Coinneamh mu bhaile ùr na Cille Bige

Sabhal Mòr Ostaig Tha an leasachadh a' gabhail a-steach leudachaidh air a' Cholaiste fhèin.

Fhuair buill de Bhuidhinn Bhuileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd tuilleadh fiosrachaidh Diardaoin mun phlana airson baile ùr ann an Slèite, nuair a thadhail iad air an làraich.

Chaidh oifigearan agus ceannard Shabhal Mòr Ostaig a cheasneachadh mu sgeama na Cille Bige.

Tha a' Chomhairle agus a' Cholaiste ag obrachadh gu math dlùth ri cheile air pròiseact a' bhaile ùir, a thèid a thogail timcheall air campas na Colaiste ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

"Tha sinn a-nis air fios fhaighinn gu bheil am pasgan airgid a tha a dhìth airson na ciad ìre den leasachadh againn," thuirt Prionnsabal an t-Sabhail Mhòir, Boyd Robasdan.

Bun-structar

"Leigidh sin leinn daoine fhastadh airson na togalaichean a dhealbh, agus bhiodhmaid an dòchas gum biodh obair a' tòiseachadh an seo anns an t-Sultain, 's gum biodh a' chiad togalach ùr againn.

"'S e togalach dhan Cholaiste fhèin a bhios an sin, far am bi luchd-obrach againn fhìn, agus daoine às ùr cuideachd ag obair ann an gnothaichean ceangailte ris a' Ghàidhlig an ceann dà bhliadhna bhon àm seo.

"Agus bidh leasachadh cuideachd a' gabhail àite air bun-structar, rathaidean, pìoban-uisge 's an leithid sin - na seirbheisean a dh'fheumas tu airson leasachaidh cho mòr seo," thuirt e.

'S e aon de na prìomh cheistean ciamar a dheadh dèiligeadh ris an taigheadas a tha san amhrac, ciamar a dheadh a thogail 's a roinn amach, 's an e a' Cholaiste fhèin a bhiodh an urra ri sin.

Start Quote

B'fheàrr leinn cus, gur e daoine a bhuinneas dhan àite, aig a bheil ceangal ris a' Cholaiste fhèin, aig a bheil ceangal ris an dualchas a th' againn an seo”

End Quote Boyd Robasdan Prionnsabal, Sabhal Mòr Ostaig

"Aig an ìre a tha seo cha chreid mi gu bheil sin buileach cinnteach, ach tha iad a' dèanamh mòran còmhraidh còmhla rinn fhìn anns a' Chomhairle, còmhla ris na h-oifigearan againne, ciamar a thèid iad air adhart le sin.

"Tha sinn toilichte gu leòr sin a dhèanamh, 's gu bheil sinn a' toirt na taic a tha sin dhaibh.

"Aig deireadh an là, chì sinn mar a dh'obraicheas sin a-mach, dè an dòigh anns am bi an obair taigheadais a tha seo air a chur air adhart, ciamar a bhios e air a thogail agus carson a bhios e air a thogail," thuirt Cathraiche Comataidh Bhuileachaidh na Gàidhlig, an Comh. Hamish Friseal.

Cridhe Gàidhlig

Thàinig e am bàrr gu bheil a' Cholaiste airson fuireach pìos air falbh bho obair-taigheadais.

"Cha bhi sinne os cionn leasachadh nan taighean sinn fhìn. Bidh làmh againn ann, ach cha bhi sinn fhìn a' togail thaighean mar eisimpleir," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha iomadach dòigh air seo a chur air adhart, 's 's e an aon rud a dh'fheumas sinn a dhèanamh a thaobh a' chead-dealbhachaidh a th' againn, feumaidh an ceathramh cuid de na taighean sin a bhith aig prìs reusanta.

"Tha sin a' freagairt oirnne glè mhath. Chan eil sinn ag iarraidh taighean a reic aig prìs àrd ri daoine aig nach eil gnothach sam bith ris an sgìre, no ris a' chultar.

"B'fheàrr leinn cus, gur e daoine a bhuinneas dhan àite, aig a bheil ceangal ris a' Cholaiste fhèin, aig a bheil ceangal ris an dualchas a th' againn an seo.

"Tha e cudromach gum bi cridhe Gàidhlig anns a' choimhearsnachd ùir a tha seo," thuirt e.

Chaidh iomradh a dhèanamh anns na h-òraidean ge-tà, gu bheil mì-chinnt anns an sgìre mun bhuaidh a dh'fhaodadh an leasachadh mòr seo toirt air gnìomhachas mun cuairt, agus chaidh bruidhinn mun bhuaidh air sgìrean eile den eilean far a bheil sluagh a' crìonadh, leithid ceann a tuath an eilein.

"Tha sin ann. Ach chuala sinn cuideachd bhon Phrionnsabal gu bheil rùm gu leòr ann airson a h-uile duine a tha ag obair air an t-seòrsa obrach a tha seo san Eilean Sgitheanach," thuirt An Comh. Hamish Friseal.

"Agus dòcha gur e dìreach an aimsir ionmhais a th' againn an-dràsta a tha a' dèanamh diofair aig an ìre a tha seo.

"Ach cha chreid mise, nuair a thogras an leithid air adhart agus gun tòisich an Sabhal Mòr an seo, nach biadhaich sin a-steach dha na buidhnean eile a tha timcheall an eilein a tha seo.

"Agus biadhaichidh a h-uile buidheann eile a tha sin a-steach dhan t-Sabhal Mhòr," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.