Sgioba nan Eilean Siar ga ainmeachadh

  • 22 An Cèitean 2013
WIIGA Image copyright Leila Angus

Chaidh sgioba nan Eilean Siar airson Gheamaichean Eileanach Bermuda 2013 ainmeachadh. Fhuair an sgioba togail is iad a' faighinn a' mhaoineachaidh mu dheireadh a bha dhìth orra gus Bermuda a ruighinn.

Thèid 15 lùth-chleasaiche bho na h-Eileannan Siar gu Bermuda san Iuchair.

Tha an sgioba tòrr nas lugha na bha i ann an 2011 is cosgaisean nas motha an lùib a bhith a' dol a Bhermuda seach Eilean Wight far an robh na geamaichean dà bhliadhna air ais.

Thuirt Seumas Dòmhnallach bho comataidh WIIGA (Western Isles Island Games Association) gum faodadh sgioba nas lugha a bhith na bhuannachd.

"Rinn sinn co-dhunadh ò chionn da bhliadhna gun e an fheadhainn as fheàrr bho na h-eileannan a dheadh ann," thuirt e.

"Tha iad an dèidh bhith a' faighinn tòrr treanaidh bho tha an sgioba tòrr nas lugha."

Tha grunnan anns an sgioba a bhuannaich buinn aig geamaichean 2011 ann an Eilean Wight.

Bhuannaich Eilidh NicCoinnich bonn òir san rèis 1,500 meatair dà bhliadhna air ais, ghlèidh i cuideachd buinn ann an 2009 agus 2007.

Tha i air bonn fhaighinn anns a h-uile farpais anns a bheil i air pàirt a ghabhail. Bidh i airson sin a chumail a' dol ann am Bermuda.

B'e Donaidh MacLeòid an lùth-chleasaiche as soirbhicheile bho na h-Eileanan an Iar o chionn dà bhliadhna, ghlèidh esan dà bhonn, bonn airgid anns an rèis 800 meatair, agus ghlèidh e bonn umha cuideachd ann an rèis relay nan 400 meatair, comhla ri Murchadh A MacCoinnich, Stiùbhart Chalmers agus Camshron Ros.

Bidh an ceathrar sin ri fhaicinn ann am Bermuda agus an dùil ris an aon shoirbheachas a-rithist.

Image caption Eilidh NicCoinnich

'S i Doleen Nic a' Bhreatannaich an aon tè eile a bhuannaich bonn ann an Eilean Wight agus tha ise cuideachd san sgioba, bidh an fharpais cruaidh ann an teas Bermuda ge-tà.

Tha Eve Carrington agus Uilleam MacRuairidh cuideachd san sgioba a-rithist, chan eil ach aon lùth-chleasaiche, Jenny Nic an Sagairt anns an sgioba son a' chiad turais.

Tha Jenny na pàirt den iomairt 'Sports Development' a tha a' feuchainn ri òigridh anns na h-Eileannan an h-Iar a bhrosnachadh ann am spòrs.

Cuideachd na pàirt den sgeama sin tha tè de chlann-nighean an t-snàimh Kara Hanlon. Tha i fhèin agus Kathryn Offer le chèile air ais anns an sgioba.

Bidh daoine ùra a' siubhail còmhla leis an sgioba cuideachd, tha dithis bhoireananch, Kerry Nic a Phì, agus Christina NicCoinnich, a' feuchainn air Bermuda gus pàirt a ghabhail anns an Triathlon.

Tha Kerry air a bhith a' farpais aig ìre na Cruinne thar nam bliadhnaichean a chaidh, a' crìochnachadh sa cheathramh àite ann am farpais na h-Eòrpa an-uiridh.

Ruith Christina Marathon Boston beagan sheachdainnean air ais ann an nas lugha na trì uairean gu leth, mar sin tha dùil gun tèid gu math leotha ann am Bermuda.

'S iad an dithis mu dheireadh san sgioba, Iain Niall Mitchell, agus Ruairidh Michie. Bidh an dithis sin a' farpais air a' bhàidhseagal.

Leis gu bheil an sgioba a tha a' dol gu na geamaichean cho beag agus gu bheil leithid de dh'astar ri shiubhail tha beagan de chuideam orra a rèir Cathraiche Chomataidh WIIGA, Iain Moireasdan,

"Tha sinne a' faicinn an fheadhainn as fheàrr [a' dol gu Bermuda] nam faigheadh iad gu cuairtean deireannach, tha sinn an dochas tighinn air ais le duaisean."

"An fheadhainn a bha a' faighinn duaisean roimhe, sin an sgioba a tha sinn a' toirt leinn."