Cead do thuath-thonn far Leòdhais

  • 22 An Cèitean 2013
Inneal Aquamarine Power Image copyright Aquamarine Power
Image caption Tha Aquamarine Power a' dèanamh dheuchainnean leis an inneal Oyster 800 an Arcaibh.

Thug Riaghaltas na h-Alba làn-chead do thuath-thonn 40MW far iar-thuath Leòdhais.

Chruthaicheadh an sgeama gu leòr chumhachd airson faisg air 30,000 dachaigh.

Thuirt a' chompanaidh Aquamarine Power gun tòisich iad a' cur innealan Oyster an sàs nuair a bhios ceangal ris a' Ghriod Nàiseanta ann.

Tha iad an dòchas eadar 40 is 50 inneal a stèidheachadh mun chosta aig Lag na Grèine faisg air Borgh.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd.

Lewis Wave Power

Dheadh a' phròiseict a thoirt gu ìre le companaidh a bhuineas do Aquamarine Power, Lewis Wave Power Limited.

Thug Comhairle nan Eilean Siar cead an-uiridh airson ionad chumhachd air tìr a bhios ceangailte ris an tuath-thonn.

2017

Ach, dh'innis SSE an t-seachdain a chaidh nach urrainn dhaibh càbal eadar na h-eileanan is Tìr Mòr a chur an gnìomh gu co-dhiù 2017.

Bha dòchas ann gun deadh càbal luach £705m a chur fon mhuir ann an 2015 agus an uair sin 2016.