Comhairliche air fàilte a chur air cead tuathan-gaoithe

  • 22 An Cèitean 2013
Tuath-gaoithe
Image caption Bidh 45 crann eadar an dà thuath-gaoithe.

Tha fear de chomhairlichean Ghallaibh ag ràdh gun toireadh dà thuath-gaoithe ann an Cataibh buannachdan mòra dhan cheann a tuath.

Bha Ailig MacLeòid a' bruidhinn an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd taic a chur ri planaichean airson 45 crann, eadar tuathan Ghleann Charsla agus Ghleann Shalachaidh, ged a tha gearainean ann gun dèan iad sgrios air sealladh an àite.

Chaidh planaichean Ghleann Charsla troimhe gu h-aona-ghuthach, ach chaidh tuath-gaoithe Shalachaidh troimhe 5-3.

Bidh am facal mu dheireadh a nise aig Riaghaltas na h-Alba.

"Tha mi gu math fhèin toilichte mu dheidhinn co-dhùnadh na comataidh an-diugh a thaobh nam molaidhean airson Ghleann Charsla agus Salachaidh," thuirt Mgr MacLeòid.

"Feumaidh sinne mar chomhairle coimhead ri dòighean air am faod sinn an eaconamaidh a leasachadh ann an Cataibh agus air Ghàidhealtachd a Tuath.

"'S e naidheachd sgoinneil a tha seo.

"Tha e a' dol a chumail dhaoine anns an sgìre, 's tha e a' dol a leasachadh na h-eaconamaidh anns an sgìre," thuirt e.

Chan eil Mgr MacLeòid den bheachd gun toir na tuathan-gaoithe seo droch bhuaidh sam bith air turasachd.

"Cha toir na molaidhean seo buaidh air turasachd air Ghàidhealtachd idir idir.

"Chan eil fianais ann a tha ag ràdh gu bheil molaidhean leithid Ghleann Charsla agus Salachaidh, a' toirt buaidh air turasachd.

"Feumaidh sinne a bhith gu math soilleir mu dheidhinn sin.

"Chan e dìreach àite airson luchd-turais a th' ann an Cataibh. 'S e àite a th' ann anns a bheil daoine a' fuireach agus ag obair," thuirt e.