Bàta a chaidh an sàs air bhog

  • 21 An Cèitean 2013
MS Serenissima
Image caption Chaidh an MS Serenissima an sàs sa ghainmhich am Bàgh an Òbain.

Tha soitheach luchd-turais a chaidh an sàs sa ghainmhich am Bàgh an Òbain air bhog a-nis.

Chaidh an MS Serenissima, air an robh 112 duine air bòrd, a ghlacadh sa ghrunnd mu 6:30f Diluain.

Chaidh a cur air bhog mu 1.10m Dimàirt.

Thuirt Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh nach deach duine a ghoirteachadh agus nach robh iad a' smaoineachadh gun deach cron a dhèanamh air a' bhàta no an àrainneachd.

Sgrùdadh

Thèid an soitheach a sgrùdadh le dàibhearan mus seòl i a-rithist.

Bha i a' dol eadar Èirinn agus Innis Tìle nuair a bha an tubaist aice.

Ma bhios a h-uile càil an òrdugh, fàgaidh i an t-Òban Oidhche Mhàirt.