Craobhan ag iarraidh taic

Pasgan fiosrachaidh Gheibhear fiosrachadh mun phròiseact air-loidhne.

An aithnicheadh tusa nan robh galair air craoibh?

Tha na comharraidhean rim faicinn, ma tha, ach chan aithnicheadh mòran dhaoine iad, ged a bhiodh iad a' coimhead chraobhan gach là.

Leis a' chunnart a th' ann do chraobhan na dùthcha seo an-dràsta bho ghalairean gabhaltach, tha iomairt a' dol gus fiosrachadh nas mionaidiche fhaighinn air falainneachd nan craobhan.

Tha dragh ann gu bheil Galar na h-Uinnseinn agus Gaiseadh nan Calg ann an craobhan giuthais, am measg eile.

Caraidean Craoibhe

Tha Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, ag iarraidh air muinntir na h-Alba cuideachadh leis an iomairt, mar a thathas ag iarraidh air daoine air feadh Bhreatainn.

Thathas ag iarraidh orra stuth cuideachaidh fhaighinn far an eadar-lìn, tadhail air coille far am bi iad a' dol meadhanach tric, 's tomhas a dhèanamh air falainneachd nan craobhan.

"Tha mi a' cur fàilte air a' phròiseact a tha seo, a tha a' toirt cothrom do dhaoine de gach aois agus ann an àite sam bith an Alba ar cuideachadh ann an oidhirp leantainnich gus dìon a chur air ar craobhan 's coilltean," thuirt Mgr Wheelhouse.

Start Quote

Aig an ìre seo, chan eil uidhir de dhaoine ann an Alba an sàs 's a tha ann an dùthchannan eile de Bhreatainn”

End Quote Pòl Wheelhouse Ministear na h-Àrainneachd

"'S e rudan cudromach nar beatha uile a th' ann an craobhan, ach, mar a tha fios againn, tha iad a' sìor-thighinn fo chunnart bho ghalairean agus trioblaidean eile.

"Fiù 's le an uile-dhìcheall, cha tèid aig luchd-saidheans, coilltearan agus stiùirichean coille air sùil mhionaideach agus luath gu leòr a thoirt air a h-uile craoibh no coille gus dealbh coileanta a thoirt dhuinn air falanneachd ar craobhan.

"Bidh daoine ann an coimhearsnachdan air feadh Bhreatainn a' gabhail pàirt anns an iomairt seo, 's cha toir e ach leth-uair de thìde a dhèanamh.

"Ach faodaidh am fiosrachadh a chruinnichear a bhith gu math cuideachail don luchd-saidheans agus luchd-rannsachaidh a tha a' feuchainn ri dèiligeadh ris na trioblaidean seo.

"Aig an ìre seo, chan eil uidhir de dhaoine ann an Alba an sàs 's a tha ann an dùthchannan eile de Bhreatainn, agus dh'iarrainn air duine sam bith aig a bheil ùidh ann an craobhan, no ann an saidheans, pasgan fhaighinn 's cuideachadh," thuirt e.

Bidh an fheadhainn a roghainnicheas sin a dhèanamh a' falbh a-mach eadar an-dràsta agus an t-Sultain gu àiteachan far a bheil barrachd is aon chraoibh, a' lìonadh foirm le fiosrachadh a chì iad ann, 's ga thilleadh air-loidhne, no tron phost.

Faodaidh daoine a tha eòlach air craobhan cuideachd a bhith nan Caraidean Craoibhe, a bhios a' falbh a-mach le caraidean, no gus comhairle a thoirt do bhuill den phoball leis an rannsachadh.

Tha an sgeama ga chur air dòigh eadar Imperial College London agus Forest Research, a tha nam pàirt de Choimisean na Coilltearachd.

Gheibhear fiosrachadh agus pasgain airson an rannsachaidh aig www.opalexplorenature.org/TreeSurvey

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.