Làrach an teine
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ionad Eas Shin air a mhilleadh ann an teine

21 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh fear de na h-ionadan turasachd as cudromaiche ann an Cataibh a mhilleadh gu tur ann an teine Diluain.

'S ann leis an fhear-ghnothaich Mohammed al-Fayed a tha ionad Eas Shin faisg air an Luirg.

Bhathas aig aon àm a' gabhail "Harrods a' Chinn a' Tuath" air.

Thòisich an teine goirid às dèidh 10:00m.

Tha iomagain ann a-nis ge-tà, mun bhuaidh a bheir seo air eaconamaidh na sgìre, oir bha mòran a' faighinn cosnaidh ann.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.