Rannsachadh air teine Eas Sin

  • 21 An Cèitean 2013

Thèid rannsachadh a dhèanamh feuch fuasgladh fhaighinn air na dh'adhbharaich teine a mhill Ionad Turasachd Eas Shin ann an Cataibh.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 10:15m Diluain.

Chaidh a h-uile duine a bha am broinn an togalaich a thoirt às gu sàbhailte.

'S ann le Mohamed Al Fayed, aig an robh Harrods roimhe, a tha an t-ionad.