Beachdan air an SRDP gan sireadh

  • 20 An Cèitean 2013
Airgead
Image caption Cha bhi uidhir de dh'airgead ri fhaotainn an turas seo.

Gheibh daoine cothrom am beachd a thoirt air Prògram Leasachaidh Dùthchail na h-Alba, an SRDP, aig sreath choinneamhan.

Bidh 14 coinneamhan ann, ann an àiteachan leithid Steòrnabhaigh, Beinn nam Fadhla, Lèaruig agus Inbhir Àir.

Tha amasan an SRDP a th' ann an-dràsta a' tighinn gu ceann a dh'aithghearr agus tha structar ùr ri aontachadh.

Tha am prògram a' roinn airgid Eòrpaich agus Albannaich air gnothaichean leithid na h-àrainneachd, a bhith a' leasachadh àiteachais, coilltearachd, turasachd dhùthachail agus eile.

Tha an Riaghaltas ag ràdh nach bi uidhir de dh'airgead sa phoit an turas seo, 's iad a' coireachadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, ag ràdh nach do rinn iad argamaid làidir gu leòr son suim chothromaich à Ath-leasachadh Poileasaidh Choitchinn an Àiteachais.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile