Iarrtas an àrainneachd a chur air thoiseach air an eaconamaidh

  • 20 An Cèitean 2013
Caolas Bharraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha connspaid mhòr air sgìrean glèidhte aig muir a chuairteachadh anns na h-Eileanan.

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an àrainneachd a chur air thoiseach air an eaconamaidh nuair a thig e gu leasachadh aig muir.

Chuir fear de BhPA na Gàidhealtachd, Rob Gibson, a tha na Chathraiche air Comataidh na h-Àrainneachd 's nan Cùisean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba, litir gu Rùnaire na h-Àrainneachd, Richard Lochhead, air thoiseach air co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air an t-Samhradh seo mu Phlana Mara na h-Alba agus Sgìrean Glèidhte aig Muir.

Tha sgìrean glèidhte aig muir air connspaid mhòr adhbharachadh anns na h-Eileanan Siar, far a bheil Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) an dùil Caolas Bharraigh a chomharrachadh mar SAC.

Tha sin air dragh a chur air croitearan agus iasgairean an àite, a tha ag ràdh gun cuireadh an comharrachadh sin bacadh orra bho bhith ag obair mar a tha iad air a dhèanamh riamh.

Tha SNH ag ràdh gu bheil an sgìre ghlèidhte a dhìth airson dìon a chur air ròin agus bacan gainneimh.

Tha iad mar thà air sgìre ghlèidhte a chur an sàs an ear air Miughlaigh, airson dìon a chur air coral.

Tha sùil eaconamach ga toirt air a' mhuir timcheall na h-Alba, feuch leasachaidhean leithid chumhachd ath-nuadhachail agus eile a dhèanamh ann, a thuilleadh air an iasgach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile