Ionad Eas Shìn ga mhilleadh le teine

  • 20 An Cèitean 2013
Ionad Turasachd Eas Shìn
Bha a chuid mhòr dhen togalach air a dhèanamh à fiodh.

Chaidh ionad turasachd a tha leis an fhear-ghnothaich Mohamed al Fayed ann an Cataibh a losgadh gu làr.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 10:15m agus nochd carbadan smàlaidh as an Luirg, Drochaid a' Bhanna, Dòrnach, Goillspidh agus Inbhir Nis le 26 smàladair an làthair aig ionad Eas Shìn, faisg air an Luirg a' feuchain ri smachd fhaighinn air an teine.

Fhuair a h-uile duine às gu sàbhailte.

Bha bùth agus taigh-bìdh anns an ionad - Harrods a chinn a tuath - mar a channadh iad ris, agus bi e na bhuille cruaidh do dh'eaconomaidh na sgìre leis gun robh mòran às an àite ag obair ann.

Tha amhras ann gur e an dealain a dh'aobhraich an teine, ach cha deach sin a dhearbhadh le luchd-smàllaidh fhathast.