Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba

Tha Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann a' deasbad plana an-diugh a leigeadh le daoine a th' ann an càirdeas gèidh a bhith nam ministearan anns an eaglais. Thuirt Modaràtair an Àrd-Sheanaidh, an t-Àrd-Urr. Lorna Hood, gu bheil i an dòchas agus ag ùrnaigh nach dèan an deasbad an còrr sgarraidh anns an eaglais.

Neo-eisimeileachd

Tha Roinn an Ionmhais ann an Westminster a' cur teagamh ann an comas Alba neo-eisimeileach dìon a chur air airgead a th' air a shàbhaladh anns na bancaichean. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil sgrùdadh Roinn an Ionmhais a' tuigsinn fìrinn na cùise.

Iorac

Thuirt Seirbheis nam Poileas ann an Iorac gun deach còrr is 30 duine a mharbhadh le bomaichean càr ann am Baghdad agus ann am Basra. Tha seo an dèidh fad seachdain de dh'àimhreit agus ionnsaighean co-cheangailte ri gràin-cinnidh.

Newark

Chaidh an dàrna corp fhaighinn aig taigh ann an Newark ann an Siorrachd Nottingham far an robh spreadh gas an-dè. Fhuaireadh corp fireannaich ann an-raoir, agus corp boireannaich anns a' mhadainn an-diugh. Tha ceathrar eile anns an ospadal.

An Fhraing

Thèid duine à Breatainn mu choinneimh cùirte anns an Fhraing an-diugh fo chasaid gun do mhuirt e nighean a bha còig bliadhna de dh'aois, agus a mhac a bha deich. Chaidh Julian Stevenson gu ruige Lyon an dèidh dhan bhean a bh' aige cead a thoirt dha an dithis chloinne aca fhaicinn.

Glèidhteachas

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an àrainneachd a chur air thoiseach air an eaconamaidh nuair a thig e gu leasachadh aig muir. Chuir am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach, Rob Gibson, a tha na chathraiche air Comataidh na h-Àrainneachd agus Cùisean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba, litir gu Rùnaire na h-Àrainneachd Richard Lochhead mus tòisich co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air an t-Samhradh seo mu Phlana Mara na h-Alba agus sgìrean glèidhte aig muir.