Gàidhlig thidsearan ga leasachadh an Uibhist

  • 20 An Cèitean 2013
Uibhist Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha a' Ghàidhlig gu math làidir sa choimhearsnachd ann an Uibhist

Tha tidsearan bho air feadh nan Eilean Siar dìreach air crìoch a chur air cùrsa Gàidhlig fad seachdain a chaidh a chumail ann an Uibhist.

Thuige seo tha tidsearan às na h-Eileanan air siubhal gu oilthighean neo colaistean airson nan cùrsaichean seo.

Ach 's e seo a' chiad uair aca ga dhèanamh ann an coimhearsnachd far a bheil a' Ghàidhlig ga cleachdadh gu làitheil.

'S e cothrom a th' ann do thidsearan nach eil a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig an ìre seo, Gàidhlig ionnsachadh, no na sgilean aca sa chànan a leudachadh.

Coimhearsnachd

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cumail taic ris na cùrsaichean, agus iad airson na tidsearan a bhrosnachadh gus Gàidhlig a chleachdadh anns an sgoil, no fàs misneachail gus an gluais iad gu teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

'S e Ceòlas a chuir an cùrsa ann an Uibhist air dòigh.

"'S e seo a' chiad uair, agus tha sinn fortannach gun do chuir Bòrd na Gàidhlig, agus a' Chomhairle còmhla an cinn, agus thairg iad dhuinn cùrsa seachdain a chur air adhart anns a' coimhearsnachd," thuirt Cathraiche Ceòlas, Màiri Nic Aonghais.

"Tha e mar amas aig Ceòlas an obair a leasachadh, gu h-àraid a thaobh rud a tha sinn a' dèanamh le foghlam, agus le trèanadh thidsearan.

"Mar a tha mi a' faicinn, tha an t-seachdain air a bhith fìor mhath, agus chòrd e gu mòr ris na tidsearan a th' air tighinn còmhla airson a' Ghàidhlig aca fhèin a thoirt air adhart.

"Tha e air a bhith caran eadar-dhealaichte bho na cùrsaichean eile air an robh iad mar thà, agus tha iad air a bhith gu mòr a' cleachdadh na cànain, 's a' dol a-mach dhan choimhearsnachd a bhruidhinn Gàidhlig.

"Sin Gàidhlig a fhuair iad anns na leasanan, no a fhuair iad an àiteachan eile.

"Ach 's e an neart a th' againne ann an Uibhist, gun urrainn dhuinn a dhol a-mach gach là, agus gach àite san sgìre, agus a' Ghàidhlig a chleachdadh, a thaobh 's gu bheil i beò agus gu math làidir againn," thuirt i.

Bha gàch là air a' chùrsa a' tòiseachadh le leasan còmhla ri neach-teagaisg, 's iad a' faighinn cothrom feasgar a dhol gu bùithdean, àiteachan-bìdh is àiteachan-obrach, far an d'fhuair iad cothrom na faclan is gnàthsan-cainnte a dh'ionnsaich iad a chluinntinn agus a chleachdadh.

Air an oidhche, bha iad a-rithist am measg na coimhearsnachd airson còmhradh is òrain, sean-fhacail is tòimhseagain ionnsachadh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil Gàidhlig agam, ach chan eil misneachd agam air a bruidhinn," thuirt Donna NicLeòid, tè de na tidsearan a bh' air a' chùrsa.

"Rinn mi an cùrsa seo airson misneachd a thoirt dhomh a bhruidhinn na Gàidhlig.

"Bha e math a bhith a-muigh anns a' choimhearsnachd ag ionnschadh fhaclan a chleachdainn leis a' chloinn sa chlas agam," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile