Seirbheis aiseig ùr ga tòiseachadh

  • 20 An Cèitean 2013

Tòisichidh seirbheis aiseig ùr eadar Cinn Tìre, Siorrachd Àir agus Eilean Arrainn an t-seachdain seo.

'S e Caledonian Mac a' Bhriuthainn a bhios an urra ris an t-seirbheis, a bhios a' dol fad an t-Samhraidh.

Bheir e cothrom do dhaoine falbh eadar Ceann Loch Chille Chiarain agus taobh eile Linne Chluaidh gun a bhith a' dràibheadh tro Earra-Ghàidheal.

'S e sgeama deuchainn a bhios ann gu 2016.