Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nigel Farage

Thuirt Nigel Farage, ceannard UKIP, Pàrtaidh Neo-Eisimeileachd na Rìoghachd Aonaichte, gur e "salchar fascist" a bh' ann an sluagh a thug an aghaidh air aig coinneimh naidheachd ann an Dùn Èideann an-dè. B'fheudar do phoilis dìon a chur air Mgr Farage aig taigh-seinnse air a' Mhìle Rìoghail. Tha dithis dhaoine an grèim. Thuirt Mgr Farage nach eil an fheadhainn a thug an aghaidh air a' riochdachadh beachd a' mhòr-chuid de mhuinntir na h-Alba, agus chaidh e às àicheadh nach eil mòran àite aig UKIP ann an Alba.

Ospadal an Golden Jubilee

Chaidh rannsachadh a dhèanamh taobh a-staigh tè de phrìomh ospadail cridhe na h-Alba, an dèidh dha tighinn am follais gun robh barrachd bàs an sin na bhiodh dùil. Tha àireamh bàs aig Ospadal an Golden Jubilee ann an Glaschu nas motha na tha aig Infirmary Rioghail Obair Dheathain agus Infirmary Rìoghail Dhùn Èideann.

Rathaidean

Thuirt Coimisean nan Cunntasan nach tàinig adhartas mòr sam bith à molaidhean bho chionn dà bhliadhna airson leasachadh a thoirt air rathaidean na h-Alba. Dh'fhoillsich an Coimisean aithisg a thuirt gur e adhartas fìor bheag a bh' ann bho 2011. Thuirt Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadal gum feum comhairlean airgead a chosg air rathaidean, ged a tha an t-airgead gann.

Tubaist

Tha poilis ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh an dèidh tubaist faisg air Inbhir Nis far an deach duine a mharbhadh nuair a bhual baidhseagal agus bhan na chèile. Thachair an tubaist faisg air Goirtlig an-raoir. Chaochail duine, a bha 21, air an làraich.

Fo-thaghadh

'S e an-diugh an là mu dheireadh a thèid gabhail ri tagradh airson seasamh ann am fo-thaghadh sgìre Donside Obair Dheathain ann am Pàrlamaid na h-Alba. Chaochail ball na sgìre, Brian Adam, aig an SNP anns a' Ghiblean. Aig an ìre seo, chuir seachdnar an ainm air adhart airson an taghaidh air an 20mh den ath-mhìos.

Croitearachd

'S e an-diugh an là mu dheireadh airson fianais a chur gu Pàrlamaid na h-Alba mun atharrachadh air Bile Ath-Leasachaidh na Croitearachd. B' fheudar do Riaghaltas na h-Alba sùil às ùr a thoirt air a' chùis an dèidh dha tighinn am follais gu robh laigse san lagh a thaobh feadhainn a tha air a' chroit a cheannach agus a tha airson pàirt den fhearann a thoirt a-mach à croitearachd.