A' cuimhneachadh air Calum Cille

Abaid a stèidhich Colm Cille air Eilean Ì Thug Calum Cille buaidh mhòr air beatha spioradail na h-Alba fad linntean.

Chumar tachartas air Eilean Ì aig an deireadh-sheachdain a' comharrachadh 1450 bliadhna bho thàinig Calum Cille a dh'Alba.

'S ann air abaid a stèidhich e air an eilean a rinn e a dhachaigh.

Start Quote

Tha Eilean Ì an còmhnaidh air a bhith gu math coisrigte tha mi a' smaoineachadh 's taisdealaich a' tighinn bho air feadh an t-saoghail gu Eilean Ì airson beagan de naomhachd Chaluim Chille fhaighinn dhaibh fhèin.”

End Quote Ciorstaidh NicDhòmhnaill Alba Aosmhor

Tha Ciorstaidh NicDhòmhnaill bho Alba Aosmhor ga meas cudromach gun tèid cuimhneachadh air dileab an naoimh Èireannaich.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-ainm aige air tighinn sìos tro na linntean agus tha cuimhne aig daoine air," thuirt i.

"Tha Eilean Ì an còmhnaidh air a bhith gu math coisrigte tha mi a' smaoineachadh 's taisdealaich a' tighinn bho air feadh an t-saoghail gu Eilean Ì airson beagan de naomhachd Chaluim Chille fhaighinn dhaibh fhèin".

Am measg na h-obrach a chaidh a dhèanamh airson an ceann-bliadhna a chomharrachadh, tha taisbeanaidhean ùra aig abaid an eilein.

Chaidh cuideachd seann shnaigheadh cloiche a bh' ann an Eilean Ì a chàradh, 's a thilleadh dhan eilean.

Tha dùil gun deach Crois an Naoimh Òdhrain a chruthachadh san 8mh Linn 's i air snaigheadh le seallaidhean bhon Bhìoball 's eile.

Bha i ann an còig pìosan, ach às deidh do dh'obair càraidh a bhith air a dèanamh oirre, bidh i a-nis air a taisbeanadh slàn airson a' chiad turais bho chionn linntean.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.