Rannsachadh air rathad an t-Sròim

  • 17 An Cèitean 2013
Rathad an t-Sròim
Image caption Thèid sgrùdadh a dhèanamh air naoi roghainnean

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun tig fios tràth an ath-bhliadhna dè na chosgas na diofar mholaidhean airson dèiligeadh ri suidheachadh seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois.

Tha maoimean-slèibhe air an rathad a dhùnadh grunn thursan sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Bha an rathad dùinte fad ceithir mìosan aig toiseach 2012 nuair a thàinig maoim-slèibhe a-nuas air.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air naoi diofar roghainnean feuch fuasgladh maireannach fhaighinn dha trioblaid an rathaid.

A-measg nam molaidhean air an tèid beachdachadh, tha rathad ùr tarsainn a' mhonaidh, drochaid, tunail neo viaduct thar Caolas an t-Stròim.

Thuirt tè de chomhairlichean na sgìre, Audrey Nic na Ceardaich, nach eil fios aice dè an roghainn as fheàrr leatha fhèin gus an cruinnich iad am fiosrachadh gu lèir.

Sàbhailteachd

Dh'aidich i ge-tà gum feumar sùil gu math geur a chumail air an rathad thar mìosan a' gheamhraidh nuair a tha droch shìde buailteach maoimean-slèibhe adhbharachadh.

"Tha mi cinnteach gum bi daoine a' coimhead air an rathad gach là airson a bhith cinnteach gu bheil an rathad sàbhailte airson an luchd-siubhail 's gu h-àraidh airson sgoilearan a tha a' dol gu Àrd-sgoil a' Phluic", thuirt i.

Tha ceist ann fhathast cò às a thig an t-airgead airson an rathad a leasachadh, 's Riaghaltas na h-Alba air a ràdh roimhe gur ann air Comhairle na Gàidhealtachd fhèin a tha uallach air a shon.

Thuirt an Comh. Nic na Ceardaich ge-tà gu bheil i gu math dòchasach gun tig airgead bho Riaghaltas na h-Alba agus 's dòcha cuideachd bhon Roinn Eòrpa.

Tuilleadh air an sgeulachd seo