Ceist mu dhith adhartais a' chàbail

  • 17 An Cèitean 2013
Crann gaoithe
Image caption Tha dith-adhartais leis a' chàbal a' cur eaconomaidh nan Eilean Siar ann an cunnart, a rèir CNES.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sgrìobhadh gu Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, agus chun a' Ghriod Nàiseanta, a dh'iarraidh orra uallach a' ghriod a thoirt air falbh bho SSE agus fo-chompanaidh leotha, SHE Transmission (SHET).

Tha a' Chomhairle feargach le brath bho SHET a dh'innis nach tèid tòiseachadh air càbal dealain eadar na h-Eileanan an Iar is Tìr Mòr gu 2017, aig a' char as traithe.

Thuirt SHET gur e as coireach ach nach deach aonta a ruighinn eadar riaghaltasan Westminster is Holyrood mu ciamar a rachadh cosgaisean a' chàbail a phàigheadh.

Tha ceist air Aonghas Caimbeul, fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, mu cho freagarrach sa tha SHET son dleasdanas a' ghriod.

"Nì sinn argamaid do dh'Ofgem, agus chun a' Ghriod Nàiseanta gum bu chòir dhaibh ath-sgrùdadh a dhèanamh air SHET mar a' bhuidhinn air a bheil uallach son a' ghriod.

"Ceistean"

"Tha mi an dùil na ceistean sin a thogail cuideachd còmhla ris na riaghaltasan ann an Dùn Èideann is Lunnainn.

"Mura h-eil e comasach do chompanaidh na co-dhùnaidhean a dhèanamh gus ceangal griod a dhèanamh ris an àite far a bheil na cothroman as fheàrr air cumhachd ath-nuadhachail, tha rudeigin fada ceàrr", thuirt e.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil economaidh nan Eilean Siar ann an cunnart mòr agus nach eil cus dòchais air leasachadh mura tèid obair air cumhachd ath-nuadhachail air adhart.

Thuirt Mgr Caimbeul mar as motha a thig dàil air a' chàbal, gu bheil sin a' cur ris a' chunnart gun tòisich luchd-leasachaidh a' coimhead ri àitichean eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile