CNES ag iarraidh RET is ADS air ais

  • 17 An Cèitean 2013
Isle of Lewis
Image caption Bu chòir RET 'son luchd-bathair a thilleadh, còmhla ri ADS, ann am beachd na comhairle.

Iarrraidh Comhairle nan Eilean Siar agus luchd-gnothachais air Riaghaltas na h-Alba faradh bathair RET agus faradh ADS a chur air ais air seirbheisean aiseig 's agus seirbhiesean adhair nan eilean.

Choinnich iad airson beachdachadh air sgrùdadh a chaidh a dhèanamh mu fharaidhean bathair RET a bhith air an call.

Sheall an sgrùdadh neo-eisimileach sin gun robh an sgeama ag obair mar a bu chòir, agus gun deach cron a dheànamh air eaconamaidh nan eilean le bhith a' toirt nam faraidhean saora air falbh bho luchd-bathair.

Tha a' chomhairle cuideachd mì-thoilichte le mar a chaidh luchd-gnothachais a thoirt a-mach à sgeama nam faraidhean saora air na seirbheisean adhair (ADS).

Tha iad a' ceasnachadh an robh an sgeama mar a bha e dha-rìribh a' dol an aghaidh riaghailtean na Roinn Eòrpa, mar a bha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach.

"Tha sinn airson is gum bi an Riaghaltas mothachail gu bheil e a' dèanamh cron air na h-eileanan mar a chaidh gach cuid an ADS a thoirt air falbh bho na gnìomhachasan, agus cuideachd an RET bhon fheadhainn a tha a' giulain bathair a-steach dha na h-eileanan", thuirt fear gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Tha sinn airson is gun cuir an Riaghaltas air ais an RET airson an fheadhainn a tha a' giulain bathair air ais mar a bha e nuair a thòisich e.

"Tha sinn ag aontachadh gum feum sgrùdadh a bhith air a dhèanamh air na faraidhean air an h-aiseagan air feadh Alba - faodaidh sin a dhol air adhart - ach bhiodh sinne ag iarraidh gum deadh an RET a chur air ais mar bha e, agus cuideachd an ADS a chur air air air na h-itealan airson gnìomhachasan", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile